Total Pageviews

Sunday 10 November 2013

Lèirmheas: “The Highlands”


B’ ann bho pheann Fhionnghlaidh I. MhicDhòmhnaill a tha an lèirmheas seo a’ tighinn. Dh’fhoilliseachadh an lèirmheas seo anns an iris air an robh Gairm. Bha Fionnlagh MacDhòmhnaill (no Finlay J. mar as fheàrr as aithne do chuid) na fhear-deasachaidh air an iris còmhla ri Ruaraidh MacThòmais nach maireann. Chuireadh an dithist aca an iris air chois ann an 1951 agus bha Fionnlagh an sàs ann gu ruige 1964. Bha Fionnlagh na ùghdar cuideachd agus sgrìobh e trì leabhraichean aig a bheil cliù fhathast: Crowdie and Cream (1982); Crotal and White (1983); agus The Corncrake and the Lysander (1985). Mar a bhiodh dùil, bha fèill mhòr air “The Highlands” dar a thàinig e a-mach an toiseach ann an 1959: 

Chan eil ràithe nach sinn a’ faotainn ultach leabhraichean mu Ghaidhealtachd na h-Albann, a’ mhórchuid dhiubh air an sgrìobhadh le coigrich a thug sgrìob a tuath le camara agus a dh’fhiach ri luaidh a dheanamh air glinn ’s air na beanntan, agus air sluagh neònach aislingeach air an do thachair iad. Bithidh feadhainn de na leabhraichean sin a’ toirt gàire oirnn; bithidh feadhainn dhiubh a’ toirt na buidhich oirnn. Ach is tlachd mór a th’ ann leabhar fhaotainn air a sgrìobhadh le Gaidheal leithid Chlauim ’Ic’Illeathain. No Calum Beag Ratharsach mar as fheàrr as aithne do chuid againn e.

 
Ged a tha leabhar mu’n Ghaidhealtachd air a sgrìobhadh le Gaidheal chan eil sin r’a ràdha gu bheil an leabhar math oir uaireannan is am fear bho’n taobh amuigh as coimeasaiche air beachd a’ ghliocais a thorit air dùthaich no air sluagh. Ach tha Calum air a dheadh uidheamhachadh. Tha e ionnsaichte agus sgileil mar fhear cruinneachaidh òran agus sgialachdan. Chan eil e dheth fhéin leòmach no faoin Ghaidhealach.
 
Tha an leabhar a’ tòiseachadh le roimh-ràdh anns am bheil e a’ tearraideachadh gnè agus brìgh na dùthcha ris an can sin a’ Ghaidhealtachd agus as a sin tha e a’ comharrachadh mar a cholm eachdraidh agus gluasad nan sluagh na Gaidheil mar as aithne dhuinn an diugh iad. Tha e a’ sealltainn mar a dh’ fhàs na fineachan agus na teaghlaichean móra ann an ceàrnaidhean sònraichte de ’n dùthaich. Ann an deich duilleagan fichead no mar sin tha e a’ toirt ruith thairis air na suidhichidhean as an do shnìomhadh ’s an do shnaigheadh dualchasan nan daoine mu am bheil e a’ dol a bhruidhinn.
 
Tha e a’ tòiseachadh a shiubhail ann an Loch Abar oir mar a tha e fhéin ag ràdha ‘cha bhiodh Gaidhealtachd ann as aonais Loch Abair’. Tha e a’ toirt cùnntais air an blàran ’s air na laoich a chunnaic Loch Abar troimh na lìnntean agus tha e a’ toirt beò móran de eachdraidh an àite troimh na seanachasan a bha aige ri feadhainn de na seabhaltaich air an do thachair e leithid Iain ’IcDhòmhnaill am bard. Sin alt cho tlachdmhor ’s a tha aig an ùghdar so. Tha e a’ toirt an leughadair aghaidh ri aghaidh ri Gaidheal (mar Iain ’ic Dhòmhnaill) air am bheil e fhéin measail agus á bial a’ Ghaidheil sin tha an leughadair a’ faotainn tuigse air an duine fhéin agus air an dùthaich a dh’ àraich e.
 
Agus chan ann leam leat a tha beachdan Chaluim fhéin.
 
Agus chan ann ’gam mìlseachadh a tha e ’gan cur an clò.
 
Tha e a’ deanamh tadhail air Mórair, Arasaig agus Mùideart ann an aon chaibidil. Air Aird Ghobhair, Aird nam Murchan agus a’ Mhorbhairne ann an caibidil eile. An uairsin Bàideanach, Gleann Urchardan agus Gleann Moireastan. An sin Strath Glas, taobh sear Siorrachd Rois, agus Inbhir Nis. Dùthaich MhicAoidh agus taobh siar Siorrachd Rois, Lathurna agus taobh siar Pheairt.
 
Is e an call gu bheil an leabhar cho goirid, oir dh’ fhaodadh an t-ùghdar so leabhar a sgrìobhadh mu gach sgìreachd air am bheil e a’ toirt iomraidh.

                                                   F[ionnlagh] M[a]cD[hòmhnaill]
 
Tobar:
Fionnlagh MacDhòmhnaill, ‘The Highlands’ [Lèirmheas], Gairm, air 28 (An Samhradh, 1959), td. 378
 
Ìomhaigh:
Còmdachd den chiad chlò-bhualadh

No comments:

Post a Comment