Total Pageviews

Wednesday 21 August 2013

Gàidheil Èireann agus am Beul-aithris

Ged nach do nochd an t-uamhas ann an clò le Calum an Tàilleir, tha na sgrìobh e aig àrd ìre agus tha na beachdan a chuir e an cèill daonnan inntinneach. Chaidh am pìos seo a chlò-bhualadh anns an iris air an robh Alba: A Scottish Miscellany in English and Gaelic. Airson adhbhar air choreigin, cha do mhair an iris seo fada idir ach thàinig Gairm na h-àite beagan bhliadhnaichean as a deaghaidh. ’S e cuspair glè fhaisg air a chridhe a bh’ ann am beul-aithris agus anns an robh e mion-eòlach. Chuir e seachad seachd bliadhna ann an Èirinn eadar an costa an iar agus Baile Átha Cliath cho math ris na h-àiteachan eile eatarra air an robh e eòlach. Anns an artaigil ghoirid seo, thug Calum an Tàilleir sùil air ais ann an eachdraidh na beul-aithris ann an Èirinn agus ann an Alba agus na cothroman a dh’fhaodadh a bhith ann gus spionnadh a thoirt air a’ ghnothaich ann an Alba. Chaidh seo a sgrìobhadh ceithir bliadhna bhon a chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a chur air bhonn aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1951:
 
Ma chuireas sinn saothair nan Gàidheal an Albainn is an Èirinn air sgàth an cànaine is air sgàth an litreachais, a tha air a sgrìobhadh le làimh no air aithris le beul, an coimeas ri chèile, cha ghann nach tig rud neònach am follais.
 
Ma thèid sinn air ais don bhliadhna 1889, bha sinne an Albainn air aon dòigh air thoiseach air na h-Èireannaich. Bha Iain Òg Ìle againn. Bha an Dr Alasdair MacGilleMhìcheil is an t-Urr. Iain MacGriogair Caimbeul an dèidh sgeulachdan a chruinneachadh is a chur an clò ann an leabhraichean Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bha daoine eile ann cuideachd a chruinnich is a chuir sgeulachdan an clò anns a’ Ghàidheal (1871–1877).
 
An uair sin thàinig leabhraichean beul-aithris bhon Mhorair Gilleasbuig Caimbeul (1889), an Urr. D. MacAonghais (1890), an Urr. Seumas MacDhùghaill (1891), is an Urr. Iain MacGriogair Caimbeul (1891 is 1895). Anns a’ bhliadhna 1889, chuir an Dr Dubhghlas de h-Ídhe a Leabhar Sgeulaigheachta a-mach an Èirinn. Eadar sin is a’ bhliadhna 1916, chuir e ceithir leabhraichean beul-aithris eile ann an clò. Ach ma rinn e sin cha robh e na aonar. Bha daoine eile ann cuideachd a chruinnich is a dh’fhoillsich beul-aithris na h-Èireann. Bha chionn còrr is leth-cheud bliadhna—bhon uair a thàinig linn a’ Chomainn Ghàidhealaich an Albainn is Connradh na Gaedhlige an Èirinn—is e glè bheag de bheul-aithris a chaidh an clò an Albainn.
 
Ma bha e na stèidh-teagaisg aig a’ Chomann Ghàidhealach an Albainn ùidh a chur an litreachas beòil nan daoine, chan fhaodar a ràdh gum bheil an toradh follaiseach. Ge brith dè rinn ath-bheothachadh na Gàidhlige an Èirinn gus nach d’rinn, thuig iad gun robh rud luachmhor air choreigin an oideas-beòil an t-sluaigh agus rinn daoine an dìcheall a shàbhaladh. Ach chan eil an sin ach aon bheachd air a’ chùis. Co-dhiù, chna fhaodar an Comann Gàidhealach an Albainn a chur an coimeas ri Connradh na Gaedhilge an Èirinn air aon dòigh eile.
Bha cumhachd, neart is buaidh aig Connradh na Gaedhilge. An Albainn cha d’rinn an Comann Gàidhealach sìon a dh’atharrachadh. Cha deacha cùis na Gaidhlige an Albainn riamh nas fhaide air adhart na bha i anns a’ bhliadhna 1872. Chan ionghnadh, uime sin, an uair a chuireas sinn saothair an dà dhream an coimeas, gur follaiseach gum bheil a’ mheidh a’ dol gu trom air taobh nan Gàidheal Èireannach.
 
Dh’fhaodte aideachadh gun robh cùisean a’ cuideachadh leotha-san. Bha an riaghladh fhèin aca bhon bhliadhna 1922. Bha ceann-uidhe Chonnartha na Gaedhilige air a ruigheachd; bha buaidh aig an t-soisgeul a theagaisg iad air inntinn nan daoine. Bha sgoileirean uidheamaichte, ainmeil aca nach robh againne. Bha an dream a b’ fheàrr intleachd san tìr a’ cur na Gàidhlige air adhart. Ach cha robh am bàrr a bha aig luchd beul-aithris sìon na b’ fheàrr an Èirinn na bha e againne: ach bhuain iadsan is leig sinne leis a’ chuid a b’ fheàrr den bhàrr a dhol a dholaidh. Tha cladhan is rèiligean na Gàidhealtachd an Albainn saidhbhir le beul-aithris nam marbh. Tha na bilean a’ sgaip an saidhbhreas sin a bha aig na Gàidheil bho chian nan cian nan tosd gu bràth. Chan fhada tuilleadh gun dèan iad an imrich dheireannach. Ma dh’fhalbhas iad is gun tabhair iad gach bloigh beul-aithris dam bheil aca leotha don uaigh, cha ruig sinne a leas a bhith cosg aimsire le Comann Gàidhealach no le comainn sam bith eile, oir tha ar coinnlean air am mùchach agus tha ar latha mar chinneach seachad.
 
Ach b’ fheàrr dhuinn sealladh a thabhairt air na h-Èireannaich feuch am faic sinn dè rinn iadsan. Anns a’ bhliadhna 1927, thuig iad nach robh sìon de mhath dhaibh daoine a bhith a’ cruinneachadh beul-aithris nan aonar thall is a-bhos. Chunnaic iad gu feumadh iad a dhol còmhla an aodann na h-oibre. Uime sin bhunaich iad an Cumann le Béaloideas Éireann. Tha còrr is mìle ball anns a’ Chomann seo an-diugh. Tha iad a’ cur a-mach leabhair, Béaloideas, dà uair gach bliadhna. A ghnàth cha bhi anns an leabhar seo ach nithean a chaidh an tabhairt bho luchd sgeòil is seanchais.
 
Anns a’ bhliadhna 1930, thug Luchd-riaghlaidh na h-Èireann suim airgid do chomhairle a thagh Acadaimh Ríoghamhail na h-Éireann is an Cumann le Béaloideas. Mar sin chruthaicheadh Institituit Béaloideasa Éireann. Fhuair an dream seo cuideachadh airgid bhon Rochefeller Foundation a bharrachd air sin agus chaidh aca air ceud uimhir de làmh-sgrìobhaidhean beul-aithris a chuir cruinn. Mun bhliadhna 1932 bha 2,000 sgeul aca anns na làmh-sgrìobhaidhean. (Fhuair Iain Òg Ìle 665 sgeul an Albainn). Thug aon sgeulaiche as Gaillaimh ceud gu leth sgeul (märchen) dhaibh. Ach bha an t-umhas ri dhèanamh fhathast. Bha barrachd airgid a dhìth orra is barrachd luchd cruinneachaidh mun cinnicheadh an obair leotha idir.
 
Anns a’ bhliadhna 1935, bha an sgoilear ainmeil Suaineach, an Dr C. W. von Sydow as Oilthigh Lund, an Èirinn, agus chomhairlich e don Uachdaran, Eámon de Valera, buidheann na bu mhotha a chur air bonn. An uair sin chaidh Coimisiún Béaloideasa Éireann a bhunachadh. Thug an Luchd-riaghlaidh dhaibh £3,250 sa bhliadhna. Chaidh àrdachadh gu £4,250 anns a’ bhliadhna 1938. Chuir an Coimisiún dithis den luchd-oibre, Seán Ó Súilleabháin agus Máire Nic Néill, thairis don t-Suain gun ionnsaicheadh iad am modh clàrachaidh a chuir sgoileirean beul-aithris am feum anns an t-Suain. An-diugh tha ceangal dlùth eadar Coimisiún Béaloideasa Éireann is an Landsmaalsartkiv aig na Suainaich a bharrachd air gach dream aig a bheil ùidh am beul-aithris ansn an Iorbhaidh, san Danmharg, san Fhionnlainn, san Eastòin, agus anns a’ Ghearmailt.
 
As t-samhradh sa bhliadhna 1935 dh’fhiadhaich Coimisiún Béaloideasa Éireann dithis eòlaiche Suaineach, an Dr Åke Caimbeul as Uppsala agus Herr Albert Nilsson as Lund, a-null a dh’Èirinn a dhèanamh rannsachaidh air thaighean tughaidh, air achadhnan àiteachaidh, agus air innleachdan tuathanais air feadh na tìre. Rannsaich iad na nithean sin ann an dà shiorramachd dheug de Èirinn agus dh’fhoillsich iad toradh an cuid oibre aig taisbeanadh am Baile Àtha Cliath as t-samhradh sa bhliadhna 1937. Bu chòir eòlas a bhith aig muinntir Leòdhais air an Dr Åke Caimbeul, oir thug e ùine a’ rannsachadh sheann taighean anns an eilean sin.
 
Tha Coimisiún Béaloideasa Éireann còrr is deich bliadhna a dh’aois a-nis. An deich bliadhna chuir iad cruinn a’ chnuasachd de litreachas beòil is beul-aithris as motha a tha an-diugh san Roinn-Eòrpa no air an t-saoghal fhèin. Tha cha mhòr mìle imleabhar làmh-sgrìobhte de bheul-aithris aca agus tha sia ceud duilleag anns gach leabhar dhiubh sin. Ach chan eil an obair ach a’ tòiseachadh. Anns a’ bhliadhna 1937 bha 1,500 òrain air an cruinneachadh aca. Anns a’ bhliadhna 1940 fhuair fear-ciùil a bha ag obair dhaibh 300 òrain. Anns an Cárna an Gaillimh fhuair Séumas Óg Mac Aonghusa 400 fuinn is òrain. Fhuair e ceud gu leth òran bho aon duine.
 
Anns a’ bhliadhna 1937–38 thòisich an Coimisiún a’ cruinneachadh beul-aithris tro na sgoiltean nàiseanta. Fhuair pàisdean-sgoile is luchd-teasgaisg leabhraichean agus lìon iad iad le sgeulachdan, seanchas, òrain, sean-fhacail, agus gach rud a gheibheadh iad bho sheann daoine nan sgìrean fhèin. Fhuair an Coimisiún 4,574 leabhraichean beul-aithris air an dòigh seo.
 
Tha e na chleachdadh aca cuideachd a bhith cur a-mach cheistiúchán—an fragalista aig na Suainaich—sreath cheist mun chuspair àraidh: an seòrsa tughaidh a thèid air thaighean air feadh na tìre no ceistean mu dhaoine no rudan an eachdraidh na h-Èireann. Tha trì ceud duine aca a fhreagras na ceistean sin agus air an dòigh sin gheibh iad eòlas air cuspair sam bith as gach ceàrn den tìr.
 
Tha an obair seo uile a’ dol air adhart gun sgur an Èirinn. Tha Coimisiún Béaloideasa Éireann glè shealbhach gum bheil dithis dhaoine aca a tha air leth comasach, Séamus Ó Duilearga agus Seán Ó Súilleabháin. Bho chionn còrr is fichead bliadhna chaidh Séamas Ó Duillearga sìos gu Gàidhealtachd Chiarraighe is thachair e ri Seán Ó Connail, sgeulaiche as Baile an Sceilg. Riamh bhon uair sin tha Séamus Ó Duilearga ag obair gun tàmh airson beul-aithris na h-Èireann, a’ bruidhinn, a’ sgrìobhadh, agus a’ brosnachadh. Bhon bhliadhna 1927 tha e na fhear-eagair air Béaloideas, agus choisinn e meas is urram mar sgoilear beul-aithris. Anns a’ bhliadhna 1928 chaidh e thairis don t-Suain agus chunnaic e am modh oibre a bha aig sgoileiriean buel-aithris an sin. Shiubhail e an Roinn-Eòrpa is America cuideachd a’ tabhairt òraidean mu bheul-aithris a thìre. Bho chionn còrr is còig bliadhna chuir Seán Ó Súilleabháin làmh-leabhar de bheul-aithris na h-Èireann an clò. Tha an leabhar seo air a bhunachadh air a’ chlàr Shuaineach. Tha 700 duilleag ann agus cha mhòr dà cheud ceist air gach duilleig. Chan eil ceist ann nach eil air a bunachadh air eòlas cinnteach a thàinig bho na làmh-sgrìobhaidhean beul-aithris a chuireadh cruinn bho chionn deich bliadhna.
 
Ach cha mhòr a bhiodh ann mura b’e na seann daoine uaisle thall is a-bhos air feadh na h-Èireann, na daoine a chuimhnich, a chùm, is a dh’innis. Mar a theireadh an ceàrd, Iain MacDhòmhnaill, a thug sgeulachdan do Iain Òg Ìle, “Bha rìgh ann uair, mar a tha is mar a bha is mar a bhios, mar a dh’fhàsas an t-iubhar, cuid dheth cam is cuid dheth dìreach, agus ’s e Rìgh na h-Èireann a bh’ ann.” Is iomadh rìgh a tha an Èirinn, ach gheibhear iad air chagailtean nam bochd is nam iriosal.
 
Tobar:
Calum I. MacGhill’Eathain, ‘Gàidheil Èireann agus am Beul-Aithris’, ann am Malcolm Maclean agus T. M. Murchison (deas.), Alba: A Scottish Miscellany in English and Gaelic (Glaschu: An Comunn Gàidhealach, 1948), tdd. 44–47.
 
Dealbh:
Calum an Tàilleir ann am Baile Átha Cliatha, 1955. Taing do Chailean Maclean, ogha Chaluim, gus an dealbh seo a chur gu feum.

No comments:

Post a Comment