B’ ann bho Dhòmhnall ‘Larry’
Mac an t-Saoir (1882–1962), Dòmhnall mac
Alasdair Mhòir ’ic Iain ’ic Iain ’ic Iain ’ic Nèill, a bhuineadh do Loch
Aoineart, a fhuaireadh beagan sheanchais mu Fhèill Mìcheil agus na bha a’
thachairt air an latha ud (29mh den t-Sultain) ann an Uibhist a Deas. Chuir
Calum an Tàilleir air chlàr e air an 20mh latha den Dùbhlachd ann an 1959:
Dòmhnall
Mac an t-Saoir: Cho mòr ’s a bha na seann Ghàidheil a’ creidsinn ann na
dhèanadh cuideachadh leotha – a bheireadh cobhair ann an dòigh sam bith a
bhiodh a dhìth orra…Agus tha e collach gum biodh iad cumail latha fèilleadh –
Latha Naomh Mìcheil – latha sònraichte ann an seo, agus bhiodh iad a’ deànamh…chan
eil an latha fhèin buileadh a bhiodh ann idir ’s a bhiodh iad’ toirt urram dha.
Bhiodh iad a’ bruich aran ris an canadh iad srùthan, agus bha an srùthan a bha
sin, bha e mar gum biodh e na bhonnach beannaichte mar chuimhneachan air Naomh
Mìcheal. Bha seann seanchasan ag ràdha aig na seann daoine, nuair a bhrist an
sluagh a-mach à Flathanas, gur h-e Naomh Mìcheal a chaidh a-mach, a thuirt e
gun robh ’n t-àite bha seo brath air a bhith falamh, agus gun tug e leis aran,
agus gun robh e toirt pios dhan aran a bha seo dhan h-uile duine airson iad a
thilleadh air ais, agus mar a bha iad a’ blasad air an aran, agus ga ghabhail,
gun robh iad a’ tilleadh, agus gun do thill a’ chuid mhòr dhuibh, ach a’ chuid
dhiubh nach do thill, gun do ghabh iad an t-aithreachas nuair a ràinig iad, ’s
bha fios aca càite an do robh iad a’ dol – gun robh iad a’ tuiteam an sin
fhèin, sìos, ge bith gu dè ’n t-àite bha rompa, co-dhiù ’s e fairge, na
sgallachan, na talamh, na gainmheach na dè bh’ ann, agus gun robh iad ri bhith
ann a shionach rè ùine gus an dèanadh iad suas airson a’ chiont a rinn iad,
agus airson an t-aingeal uaisneach a bha seo a leantail. ’S ann a bhiste air
rèir chollais mar a chuala mi fhìn aig na seann daoine, gum b’e sin an reusan a
bh’ air an t-srùthan a dhèanamh, chionn gun robh aid a’ toirt urram do Naomh
Mìchael, gun robh iad a’ dèanamh a’ bhonnaich a bha seo, agus ga riarachadh
orra fhèin, agus gum biodh e na urram rompa nuair a ruigeadh iad an taobh
thall, gum biodh e aca ri ràdh gun do rinn iad fhèin an t-aran a bha seo, agus
gun robh iad ga riarachadh dha teaghlaichean fhèin airson an toirt air an rathad
cheart, agus airson urram dhàsan – gur h-e siud bu reusan gun robh iad ris an
t-srùthan a bha seo. Bha srùthan ri dhèanamh air oidhche Mìcheil, oidhche roimhe,
agus bha e air a riarachadh latha Fhèille Mìcheil, agus cha robh duine bha san
teaghlach nach fheumadh pìos dheth fhaighinn. Nuair a bhiodh iad ga fhuinne
oidhche ron àm bha a’ bhean – am fallaid a bha i fàgail bha i ga chaitheadh ann as teine agus bha i
ag ràdh, “Siud dhuibhse, Dhonais, do chuid fhèin”, agus bha sin ag ciallachadh
gun robh a’ chuid nach dèanadh feum dhan t-srùthan, gun robh e ri thoirt
dhà-san, a chionn nach robh feum ann. Agus bha feadhainn eile ann cuideachd,
agus ’s e “cuid a’ mhadaidh” a chanadh iad ris an fhallaid a bha iad a’ fàgail,
agus rachadh iad a-mach gu cùl an taighe, agus chaitheadh iad a-mach e, agus
chanadh iad, “Seo dhuibhse seo, a mhadaidh.” Agus chan eil fhios a’m co-dhiù a
bha ceart, an fheadhainn a bha ag ràdh “Seo dhuibhse, a mhadaidh” na “seo
dhuibhse, Dhonais” ach bha dà dhòigh ac’ air. Bha a-nist an cleachdadh a bha
sin, tha e collach, a’ dol, agus gu h-àraid ann an Uibhist a Deas an seo – bha
– ’s aithne dhuibh fhèin Àird Mhìcheil shìos an sin – bha e ri linn mo
shìth-sheanar ’s tha mi cinnteach gun robh, nuair a bha mo sheanair na bhalach
beag, bhiodh iad a’ cruinneachadh ann a shin Latha Fhèille Mìcheil, a h-uile
duine bha san dùthaich o cheann gu ceann, sean is òg, bhiodh a h-uile duine
cruinn ann ach seann duine, na seann bhean, na pàisdean beag’…agus cha robh mac
duine leis an t-saoghal dhuibh sin, aig an robh each a-staigh, nach robh toirt
leotha nan each, agus bhiodh iad a’ tol trì uairean leis an h-eich mun cuairt
an teàmpuill airson urram a thoirt do Naomh Mìcheil, oir ’s e Mìcheal nan Steud
an t-ainm a bh’ air Mìcheal, agus gum b’e sin na steud – Mìcheal nan Steud – è
– na h-eich, mar chanadh iad, an cota-fairm a bh’ aig Naomh Mìcheil. Bha iad
a-rithist a’ seinn laoidh – a h-uile duine aig am biodh i – agus a’ dol trì
uairean mun cuairt an teàmpuill a’ gabhail na laoidh a bha sin – laoidh a bh’
air a’ dèanamh mar urram do Naomh Mìcheil. Tha cuimhn’ agams’ air feadhainn aig
an robh pìosan dhith, ach cha robh mòran sam bith aig an fhear nach maireann
dhith ach beagan fhaclan, ach bhiodh I ag feadhainn a bh’ ann roimhe sin.
Calum
MacGilleathain: Agus chan eil fhios agaibh air facal a bh’ aig an fhear nach
maireann – cha do thog sibh e?
DM:
Well, chan eil cuimhn’ agams’ ach gun robh mar a bha i tòiseachach, gun robh
A Mhìcheil nan aingeal
’S na fìrinn à Flathanas
Cuir dìonachd ar m’ anam
Le faileas do sgèith.
Cuir dìonachd air m’ anam
Le faileas do sgèith.
Air...
…o
chan eil cuimhn’ agam oirre, cha dearg mi air a dhol leatha. Cha dearg mi air a
dhol leis an laoidh idir, ach gur h-ann mar siud a chaidh a tòiseachadh, ach
bha i uamhasach fhèin fada, an laoidh a bha seo. Bha ri ràdha gum biodh – gum
biodh – daoine ann, fhios agaibh, nach biohd aig an taighe Oidhche na Mìcheil,
na Latha Fhèille Mìcheil – gum biodh iad air falbh on taigh air turas, agus ma
dh’fhaodte gum biodh iad seachdainnan gun tighinn dachaigh. Bha srùthan – bha e
ri fhàgail a-staigh gu cùramach gus an tigeadh iad. Neo, nam biodh iad
tuilleadh ’s a chòir fada gun tighinn, bha fear ùr ga dhèanamh, agus
dh’fheumadh iad pìos dhan srùthan fhaighinn a h-uile bliadhna, oir bhiodh iad
mar leanaban gus am faigheadh iad am bàs, ged a bhiodh iad ceithir fichead
bliadhna dh’aois. Bha sin a’ chleachadh a’ dol as an eilean a tha seo am bith
an robh e as na h-eileannan agaibh. Chan eil. Cha d’fhuair mise mach sin idir. Tha
iad a’ toirt urram mhòr, mhòr do Naomh Mìcheil seach gin eile dha na naoimh.
Agus bha do dh’ùrnaighean aca, agus do ranndail ’s do ghorraidhean timcheall
air an naomh a bha sin, rud nach urrainn dhòmhsa a chunntais, ged a bhiodh fios
agam orra – tha – chan eil cuimhn’ agamsa, gun dearbha, air gin dha na
h-ùrnaighean a bh’ aca.
CM: Agus…an
cuala sibh robh iad a’ falbh le eich, robh ros (race) each aca an latha sin?
DM:
Bhiodh ros each aca cuideahchd, tha fhiso agaibh; nuair a dhèanadh iad na
h-ùrnaighean ’s an t-adhradh a bha seo, bha iad an uair sin a’ tòiseachadh air
ros leis na h-eich, agus bhiodh iomain aca, agus bhiodh bàl an oidhche sin as a
h-uile baile, cha mhòr, o cheann gu ceann dhan dùthaich. Bha fasan eile ac’
a-rithist, bhiodh na h-igheanan òga, bhiodh iad a’ cruinneachadh churran, agus
bhiodh dòrrlach do churran aig a h-uile tè riamh. Chan eil cuimhn’ agam gu dè
’n t-ainm a bh’ air an fhacal a bh’ aig na seann daoine, mar a chanadh iad air
a’ phairseil churran a bhiodh aca. Ach cha robh ann ach na rachadh eadar an
òrdag mhòr agus a’ mheur. Dh’fheumadh sin a bhith làn, daonnan, aig a h-uile
nighean, do churran. Agus nuair a thòisicheadh am bàl ’s an dannsa, ’s ann
a-muigh a bhiodh aca falach. Nuair a thòisicheadh am bàl ’s an dannsa, bha iad a’
dol a-mach a dh’iarraidh nan curran, gu bith an robh iad dhan toirt a-staigh
air fad ’s cò nach robh. Sheasadh i seo agus chanadh i, “’S ann agams’ tha na
currain, ge bith cò ’s urrainn an toirt bhuam.” Bha nist cuideigin, tha fhios
agaibh, a’ leum oirre sin agus a’ toirt bhuaipe nan curran, air bith an
toireadh e bhuaip’ iad ’s cò nach toireadh, bha ’n cleachdadh a bha sin ann.
Agus bha iad ag ràdha gur h-ann mar chleachdadh airson sonas a bha sin, a
thaobh ’s gun robh iad ga dhèanamh mar urram do Naomh Mìcheal a bha seo. Nuair
a bha iad a’ tòiseachadh as a’ mhadainn, gun robh bhuaidh a bha Naomh Mìcheal
a’ cur orra, gun robh bhuaidh a bha sionach orra gus an stadadh iad anmoch san
oidhche. Agus ge bith gu dè bhiodh iad ris, eadar leannanachd na dad eile, gun
robh sean a’ tighinn gu buaidh, agus ma bha fear ann a bha toirt nan curran bho
thè sam bith, gun robh e mar comhtharra ma dh’fhaodte, gur h-i bhiodh aige
fhèin; agus gu rachadh an gnothach gu math leotha nam pòsadh iad; agus
cinnteach gu leòr, ma chaidh aige air na currain a thoirt bhuaipe, gum biodh
teaghlach mòr aca, le chèile. Sin agaibh beachd eile a bh’ aca. Nan rachadh
currain a thoirt bhuaip’ air fad, agus gur h-e siud tè bhiodh aige fhèin mar
bhean, gum biodh iad uamhasach fortanach as an t-saoghal. Sin agaibh na chuala
mi mu dheidhinn, gu bith an cuala sibh fhèin guth riamh air a leithid rud, ach
bha e dol ann a-measg nan seann daoine bha seo. Bho chionn fhada, tha fhios
agaibh, cha robh daoine ga innse. Cha bhiodh daoine ga innse dhan t-seòrsa
agaibhse ann, tha fhios agaibh – ’n fheadhainn a bha falbh ag iarraidh
naidheachdan is òrain is òirdean dhan h-uile seòrsa, cha bhiodh iad a’ toirt
sìon, tha fhios agaibh, a bhuineadh do chreideamh. Tha mi cinnteach gur h-e sin
an reason, agus gum bheil e, air bàsachadh a-mach, nach eil duin’ ann aig a
bheil cuimhn’ air mòran dheth. Chan e gum bheil cuimhn’ agamsa mi fhìn air
mòran dheth, ach dìreach beagan an siud ’s an seo mar a bha mi cluinntinn. Sin
agaibh nas urrainn dhòmhsa ràdh ma dheidhinn an Naomh Mìchael. Dh’fhaodte gun
cuimhnichinn air tuilleadh uaireigin fhathast, ach chan eil cuimhn’ agam
an-dràsta air co-dhiù ach siud.
Tha an naidheachd seo ri chluinntinn
aig an t-seòladh shìos. Cha robh
Mac an t-Saoir buileach ceart na thuirt e mu na luchd-cruinneachaidh
bheul-aithris a thàinig a dh’Uibhist oir fhuair Alasdair MacGilleMhìcheil an
t-uamhas mu chreideamh is eile bho na h-Uibhistich anns an naoidheamh linn
deug. Agus tha na chruinnich e fhathast ri fhaicinn anns na leabhraichean air a
bheil Carmina Gadelica. Fhuair e
cuideachd mòran stuth mu na cleachdaidhean a bha aig na seann Ghàidheil an lùib
Latha Fhèill Mìcheil a bha aig an àm ud an impis air a dhol à bith.
Tobar:
Dealbh:
Dòmhnall
‘Larry’ Mac an t-Saoir. Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann.
Chaidh an dealbh seo a thogail san Òg-mhìos 1958 le Calum an Tàilleir ann an
Loch Aoineart, Uibhist a Deas.
No comments:
Post a Comment