Total Pageviews

Friday, 5 October 2018

Father John MacMillan of Barra’s Song Repertoire



Previous blogs have focused upon a brief biography of Father John MacMillan of Barra as well as a fund-raising event in which Calum Maclean had a helping hand. Maclean during his various fieldwork trips to Barra had not only the privilege of meeting with the famous priest but also took the opportunity to make recordings of songs that he knew, including some of MacMillan’s own compositions. Maclean later recalled his visit to MacMillan in the following words:

I did return again to Barra, for one rarely fails to do that. I came at the request of Father John MacMillan … He is now almost seventy, but he still sings well and is also a veritable mine of traditional lore. It was a short visit, but in one day alone I recorded over thirty songs from Father MacMillan. One was a very beautiful song addressed to Prince Charlie, a song which tradition ascribes to Flora MacDonald. Many of Father MacMillan’s songs are now known to him alone. He heard them in Barra, Uist, Benbecula, and in Eigg over forty years ago from people who have longs since returned slowly to dust. Barra has many people of whom it can feel justly proud. Father John MacMillan is certainly one of them.

That meeting produced not a few recordings which Maclean dutifully transcribed on 12 September 1947. Some of the songs remain popular to this day, and there are also included some Jacobite songs, waulkings songs and a few compositions composed by Fr John MacMillan himself, most notably a lament to Father William MacKenzie, a fellow priest, and who was held in very high regard. And here they are as follows: 


“Hóan hóan” ors an Cù Bàn
Tha bean òg ann an seo a’ tàladh a leinbh, leanbh a bha uamhasach crosda agus cuilean beag a’ cluichd mun teallach agus an duine aice a’ buachailleachd ri taobh na beinneadh a-muigh, i fhèin truagh dheth, am pàisde crosta agus thòisich i air an tàladh le bruidhinn ris a’ chuilean bheag a tha ga gharadh fhèin ri taobh an teine agus bhruidhinn i an sin mun duine aice fhèin, is e a-muigh is e fìor-fhluich, fuar, truagh is an taigh truagh cuideachd agus mu dheireadh bhruidhinn i mu deidhinn a’ chuilein bhig agus a macan fhèin cuideachd, an cuilean. Agus seo agaibh mar a bha i a’ tàladh:

“Hi an hóan,” ors an Cù Bàn
“Cùl a’ ghàrraidh,” ors an Cù Bàn
“Chaill mi mo mhàthair,” ors an Cù Bàn
“Hì an hóan,” ors an Cù Bàn
“Cùl a’ gharraidh,” ors an Cù Bàn
“Hì an hóan,” ors an Cù Bàn.

Am buachaille bochd ri sgàth nan cnoc,
Ag iarraidh air Dia
Turadh is grian a chur ann:
Am buachaille bochd ri sgàth nan cnoc,
Ag iarraidh air Dia
Turadh is grian a chur ann.

Hè ho ró mo chuilean binn,
Is tu ho ró mo chuilean binn,
Hè ho ró mo chuilean binn,
Is tu ho ró mo chuilean bàn.

Hè ho ró mo chuilean, mo chuilean thu,
Is tu ho ró mo chuilean, mo chuilean thu,
Hè ho ró mo chuilean, mo chuilean thu,
Is tu ho ró mo chuilean bàn.

Hè ho ró mo chuilean binn,
Is tu ho ró mo chuilean binn,
Hè ho ró mo chuilean binn,
Is tu ho ró mo chuilean bàn.

Tha na fir mhòra a’ falbh hi o ho ro

Tha na fir mhòra a’ falbh hi o ho ro,
Tha na fir mhòra a’ siubhal ri stoirm,
’S ann orra a bha an colg a’ falbh hi o ho ro,
Tha na fir mhòra a’ falbh hi o ho ro.

Gilleasbuig MacIain am breabardair òg,
’S ann air a bha an còta is mòr na thoilleadh ann,
Le cuideam an eallaich cha togadh e a cheann,
’S ann air a bha an call san àm na theirig e.

Tha na fir mhòra a’ falbh hi o ho ro,
Tha na fir mhòra a’ siubhal ri stoirm,
’S ann orra a bha an colg a falbh hì o ho ro,
Tha na fir mhòra a’ falbh hi o ho ro.

Tha fasan ùr air tighinn na bhaile

Tha fasan ùr air tighinn na bhaile,
Tha fasan ùr air tighinn na bhaile,
Tha fasan ùr air tighinn dhan dùthaich
A tha cur iongnadh air na sagairt.

Fasan nach do chleachd a màthair,
Poca beag aca air an gàirdean,
Cìor is fùdar ann is sgàthan,
A chuireas àilleachd air an craiceann.

Tha fasan ùr air tighinn na bhaile,
Tha fasan ùr air tighinn na bhaile,
Tha fasan ùr air tighinn dhan dùthaich,

A tha cur iongnadh air na sagairt […]

Bidh bainne chruidh aig Mòraig

Bidh bainne chruidh aig Mòraig,
Bidh bainne chruidh aig Mòraig,
Bidh bainne chruidh aig Mòraig bhig,
Is bidh mise air uisge an lònain.

Bidh mise air uisge an lònain,
Bidh mise air uisge an lònain,
Bidh mise air uisge an lònain duibh,
Bidh bainne chruidh aig Mòraig.

Bidh bainne chruidh aig Mòraig,
Bidh bainne chruidh aig Mòraig,
Bidh bainne chruidh aig Mòraig bhig,
Is bidh mise air uisge an lònain.

’S e seo Mòrag bheag a chaidh a dh’ fhuireach còmh’ ri piuthar a màthar a bha gu math dheth a thaobh gnothaichean an t-saoghail, ged a bha h-athair fhèin agus a màthar bochd dheth. Agus cha robh Mòrag a’ toirt an aire dhi fhèin ro mhath agus chuir piuthar a màthar air falbh i agus nuair a bha i a’ dol tarsainn an t-slèibh, smaointich i cho truagh is a bhiodh i agus gum biodh an nighean bheag, Mòrag, aig piuthar a màthar sona dheth gum biodh bainne chruidh aice is gum biodh a h-uile rud riamh laghach, ceutach aice, nach biodh aice aig an taigh, agus nuair a bha i a’ tighinn tarsainn an t-slèibh ’s ann a rinn i na ceathramhnan beaga, laghach a tha seo:

Òganaich dhuinn a dhìreas am bealach

Òran a tha iad ag ràdha a chaidh a dhèanamh le Flòraidh, Fionnaghala, Dhòmhnallach do Phrionnsa Teàrlach.

Òganaich dhuinn a dhìreas am bealach
Is guirme sùil ’s caoine mala,
Rinn tha, a ghaoil, na dh’fhaod’ thu gam mhealladh,
Is cha b’ ann gad dheòin nach robh mi nam bhanaltrum.

Ho ro hì hì hil o hóireann ó
Mo lionn-dubh o ho ró
Hug ó ì.
Shiubhlainn moch leat, shiubhlainn anmoch,
Eadar choilltean, chreag is gharlach,
O! gur h-e mo cheist a’ sealgair,
Is tu mo roghainn air sluagh na h-Albainn.
Ho ro hi 7rl.

Fhir a dhìricheas na coirichean:
B’ fheàrr leam fhìn gun cinneadh do ghnothach leat,
Shiubhlainn Gleann Aoidh is Gleanna Comhann leat,
Fo thaobh Loch Iall Choireacha dubha leat.
Hó ro hì 7rl.

Òganaich a shùgh mo chèile,
Chunnaic mi tòir mhòr an-dè ort,
Thusa gun dùthaich is mise gun chèile,
Is tha do ghaol falaicht’ am brollach mo lèine.
Hó ro, hì,
Hì hil o hóireann ó
Mo lionn-dubh o ho ro,
Hug ó ì.

Muladach mi ’s mi air m’ aineol

Muladach mi ’s mi air m’ aineol,
Hó ho ro bha huill irin o ró,
Is èigeanach mi an caol rainich,
Och ò rinn ò chalabh orra seinn.

Is èigeanach mi an caol rainich,
Hò ho ro bha huill irin o rò
B’ fheàrr dhut mi na Nic a’ Bhainfhighich
Och ò rinn ò chalabh orra seinn.

B’ fheàrr dhut mi na Nic a’ Bhainfhighich
Ho ho ro bha huill irin o rò,
Na dha na tha beò de shliochd a seanar,
Och ò rinn ò chalabh orra seinn.

A’ ghruagach dhonn gu dè th’ air t’ aire.

A’ ghruagach dhonn gu dè th’ air t’ aire,
Hó chal al ó ro hó hug ó,
Mòran bròin gun chèol fainear dhomh,
Laoi lo ho ró trom m’ eallach ho
Fair al al ó.


Air faill ill irinn cho

Air faill ill irinn cho,
Hug is o horo èile,
Air faill ill irinn cho,
Hug is o horo èile,
Air faill ill irinn cho,
Hùg is o horo èile,

A mhaighdeann bhòidheach, neo-chearbach,
Is tric a dh’fhalbh sinn le chèile.
Air faill ill irinn oho.

Òran Luaidh

Hi rì hil ó hó ro èile,
Hi rì hil ó o ró bha hó,
Hi rì hil ó ho ro èile.

Sùil gun tug mi thar mo ghualainn,
Chunnaic mi a’ tighinn na h-uaislean.
Hi rì hil ó hó ro èile 7rl.

Chunnaic mi a’ tighinn na h-uaislean,
Ga do chunnaic cha robh mo luaidh ann.
Hi rì hil o ho ro èile 7rl.

Shuidh mi aig tobar an fhuarain,
Chìor mi mo cheann, dh’ fhàg mi a’ ghruag ann.
Hi rì hil o ho ro èile 7rl.

Chìor mi mo cheann, dh’ fhàg mi a’ ghruag ann,
Dh’fhàg mi falt mo chinn na dhual ann.
Hi rì hil ó ho ro eile 7rl.

Shomhairle mac Raghnaill ’ic Ruairidh

Shomhairle mac Raghnaill ’ic Ruairidh
ó hù a ’s mo rùn air,
Òg ùr a’ chùil dualaich,
ó hù a ’s mo rùn air.

Òg ùr a’ chùil bhuidhe,
’S àlainn rudhadh do ghruaidhean.
O hù a ’s mo rùn air 7rl.

Òg ùr a’ chùil chleachdaich,
Thig o chaisteal na stuadhan.
O hù a ’s mo rùn air 7rl.

Bha thu nad dhannsair ’s nad fhìdhleir,
Seinnear pìob leat air uairibh,
O hù a ’s mo rùn air 7rl.

Is mi gun aithnicheadh do choiseachd,
Is pìob nan dos oirre ghualainn.

Ó hù a ’s mo rùn air,
Òg ùr a’ chùil dualaich,
Ó hù a ’s ma rùn air.

Beinne na Faoghla an t-òran.

Cumha Iain Ghairbh Mhic Ghille Chaluim

Is mi am shuidhe air an fhaoilinn,
Is mi gun fhaoilte, gun fhuran,
Saoil an tog mi fonn aotrom,
O Dhiaoine mo dhunaich.

Is hil ó roch o bha hó,
Hil o o roch o bha hó hó,
Is hil o ró,
Is hil o ro o bha ho hil ò.

Saoil an tog mi fonn aotrom,
O Dhihaoine mo dhunaich.
Bhon latha a mhilleadh am bàta,
Air na bhàthadh an curaidh.
Is hil ó róch o bha ho 7rl.

Bhon latha a mhilleadh am bàta,
Air na bhàthadh an curaidh,
Gille Caluim a b’ òige,
Is Iain Mòr mo sgeul dunaich.
Is hil ó roch o bha ho 7rl.

Tha do choin air an iallainn,
Is cha triall iad gu munadh,
No gu frith nam beann àrda,
No gu àrd-bheinn na Cuilinn.
Is hil ó roch o bha hó 7rl.

Mac Iarla nam Bratach Bàna

Hì illean beag hó ill oro,
Hì illean beag hó ill oro,
Hì illean beag hó ill oro
Hì hoireann o hù o eile.

Mhic Iarla nam Bratach Bàna,
Mhic Iarla nam Bratach Bàna,
Mhic Iarla nam Bratach Bàna,
Chunnaic mi do long air sàile.
Hì illean beag hó ill oro 7rl.

Chunnaic mi do long air sàile,
Chunnaic mi do long air sàile,
Chunnaic mi do long air sàile,
Bha stiùir oirre is dà chrann airgid.
Hì illean beag hó ill oro 7rl.

Nach truagh leat piuthar gun bràthair,
Nach truagh leat piuthar gun bràthair,
Nach truagh leat piuthar gun bràthair,
Is bean òg gun chèile a làthair.
Hì illean beag hó ill oro 7rl.

Is bean òg gun chèile a làthair,
Is bean òg gun chèile a làthair,
Is bean òg gun chèile a làthair,
Gur h-ionann sin is mar a tha mi.
Hì illean beag hó ill oro 7rl.

Gur h-ionann sin is mar a tha mi,
Gur h-ionann sin is mar a tha mi,
Gur h-ionann sin is mar a tha mi,
M’ inntinne trom-fhonn air m’ fhàgail.
Hì illean beag hó ill oro 7rl.

M’ inntinne trom-fhonn air m’ fhàgail,
M’ inntinne trom-fhonn air m’ fhàgail,
M’ inntinne trom-fhonn air m’ fhàgail,
Mun fhiùran fhoghainteach, àlainn.
Hì illean beag hó ill oro 7rl.

Mun fhiùran fhoghainteach, àlainn,
Mun fhiùran fhoghainteach, àlainn,
Mun fhiùran fhoghainteach, àlainn,
Sealgair sìthne air frìth nan àrd-bheann.
Hì illean beag hó ill ors 7rl.

Sealgair sìthne air frìth nan àrd-bheann,
Sealgair sìthne air frìth nan àrd-bheann,
Sealgair sìthne air frìth nan àrd-bheann,
Na h-eòin lèith o bheul an t-sàile.
Hì illean beag hó ill ors 7rl.

Na h-eòin lèith o bheul an t-sàile,
Na h-eòin lèith o bheul an t-sàile,
Na h-eòin lèith o bheul an t-sàile,
Earbag bheag a dh’fhalbhadh stàiteil.
Hì illean beag hó ill ors 7rl.

Earbag bheag a dh’fhalbhadh stàiteil,
Earbag bheag a dh’fhalbhadh stàiteil,
Earbag bheag a dh’fhalbhadh stàiteil,
Is na h-eòin lèith ó bheul an t-sàile.
Hì illean beag hó ill ors 7rl.

Tha sneachda is uisge air na beannaibh

Hao rì ’s na hao ri horo,
Tha sneachda is uisge air na beannaibh,
Hol a bho hao rì hiù bhì hó
Ro o hao ri hiù bhì ho,
Na hì ho ró bha hao ri horo.

Tha sneachda mór ann ri gaillionn.
Hao ri ’s na hao ri horo,
Chan fhaigh mi triall chon a’ bhaile,
Hol a bho hao ri hiù bhi hó,
Ro a haoi ri hiù bhi ho,
Na hì ho ró bha hao ri horo.

Chan fhaigh mi triall chon a’ bhaile,
Hao ri ’s na hao ri horo,
Is fheudar dhomh brògan a cheannach,
Hol a bho hao ri hiù bhi hó 7rl.

Is fheudar dhomh brògan a cheannach,
Hao ri ’s na hao ri horo,
Chan èiginn leam ’s e bu mhath leam,
Hol a bho hao ri hiù bhi hó 7rl.

Chan èiginn leam ’s e bu mhath leam,
Hao ri ’s na hao ri horo,
Fhir a dh’fhalbh Diluain tha m’ aire ort,
Hao ri ’s na hao ri horo,
Fhir a dh’fhalbh Diluain tha m’ aire ort,
Hol a bho hao ri hiu bhi ho 7rl.

Cha chuir mise trom air eallach,
Hao ri ’s na hao ri horo,
Ach thu a ghiùlain mo chuid bheannachd,
Hol a bho hao ri hiù bhi ho 7rl.

Dh’fhios an tìr far bheil mo leannan,
Hol a bho hia ri hiù bhi ho 7rl.

Dh’fhios an tìr far bheil mo leannan,
Hao ri ’s na hao ri horo,
A dh’innseadh dhà gu bheil mi fallain,
Hol a bho hao ri hiù bhi ho 7rl.

An Fhìdeag Airgid

Co sheinneas an fhìdeag airgid,
Hì rì hil iù hil ò,
Mac mo Rìgh ’s air tighinn a dh’Alba,
Ho ró hu o hu hil ò.

Mac mo Rìgh ’s air tighinn a dh’Alba,
Hì rì hil iù hil ò,
Air long mhòra thar na fairge,
Ho ro hu o hu hil ò.

Air long mhòra thar na farrge,
Hì rì hil iù hil ò,
Le stiùir oìr is dà chrann airgid,
Ho ro hu o hu hil ò.

Le stiùir òir is dà chrann airgid,
Hì rì hil iù hil ò,
Is ulagan òir as gach ceann di,
Ho ro hu o hu hil ò.

Do Mhgr Uilleam MacCoinnich

’S e dùisg mo bhàrdachd
Is a thug dhomh càileachd,
Gu do bhuaidhean àlàinn a chuir an cèill,
An cur an òran gu milis dòigheil,
Is ged ’s mòr mo dhèoin dhi
Cha dèan mi feum:
Cha tugadh tàlant do dh’fhear an tràth-sa
Is a chliù a thàladh am briathran bèil,
Ged bhiodh a dhùrach a-mach a’ brùchdadh,
Bhiodh inneadh ùr air aig ceann a sgèil.

Fo sgàil Bheinn Mhàrtainn a tha thu a’ tàmhachd,
Far an d’fhuair mi m’ àrach nuair bha mi òg,
Far an tric a bha mi ri mire is gàire.
Gun lochd, gun ànradh, gun sprochd gun leòn.
Tha fichead bliana, co-dhiù, dhe t’ eòlas,
A-measg na ròd sin mar bheil an còrr:
Is ma thig ort fhàgail ’s e a sluagh bhios cràiteach,
Gun sunnd gun chàileachd do ghàir na ceòl.

Tha do chùrsa air muir an t-saoghail,
Trom, torrach, sùghmhor an cliù ’s am beus,
Is na bòidean uallach a ghabh thu an cuallach,
Gun ghlèidh thu uasal gun mheang, gun bheud,
Tha neart nan Gràsan a thuit gach latha ort,
Is brìgh gach saoramaid thug thu a feum,
Mar ghaisgeach làidir an aghaidh nàmhaid,
Gun fhiamh gun nàire ro neach fon ghrèin.

Rinn Mgr Iain fhèin an t-òran seo, C. M.

Ceathramhnan dhan Bhàgh a Tuath

’S e sealladh an àigh
Muir-làn mun chladach,
Am bagh na chadal ’s na shuain,
Èirigh na grèin’ san cèitean-mhadainn
A’ cur fàilte is furan mun cuairt.
Gun eiseamail òir na stòir na beairteas,
A’ lùbadh a gathan mun t-sluagh,
Misneachd dhan bhrònach threòrach, acrach,
Ri deòiridh gabhaidh i truas.

Teirigidh gach stuadh, gach cuan ’s gach cladach,
Teirigidh gach rionnag is reul,
Teirigidh ’s na spèir a’ ghrian ’s a’ ghealach,
Teirigidh an saoghal gu lèir,
Teirigidh an sluagh mar luath na cagailte,
A thilgear a-mach i gun fheum,
An t-aon nì tha buan ’s ann shuas sna Flathas,
An coibhneas ’s an carthantas Dhè.

Ochóin, a Rìgh, nach truagh tha mi

Ochóin, a Rìgh, nach truagh tha mi,
Mo chridhe lìonte le mulad,
On chaidh sinn far a chèile an-dè,
Tha mi fo èislinn dubhach.

O! a Rìgh nach mi bha fada thall
An Innis Ghall a’ fuireach:
Bhitheadh m’ inntinn aotrom làn de chèol
Is dhèanainn […]

Dh’fhalbh gach sòlas as a’ ghleann
Is thàinig greann nach buin di,
Lionn dubh gam lìonadh, cràdh gam phianadh
Mo chridhe lìonte le mulad.

Thog an t-seana-bheann thall a ceann
Nach gòrach leam do bhruidhinn,
Mar thig muir-làn an dèidh na tràghad,
Ni gràdh an cràdh sa iomain.

Na neòil dhubha a shiubhlas spèir,
[…]
Tha linge geal am bun gach fear,
Is glòir na theachd nuair thig e.

Falbhaidh bròn is seinnear ceòl,
Is leighisidh leòn a chridhe,
Chan eil an dòrainn an duine òig
Ach aisling neònach diombuan

Chaidh an t-òran sa a dhèanamh ann am Baile a’ Chaolais air dhomh fhìn agus a’ mhaighdeann òg a bha cuide rium san àm a dhol far a chèile agus airon spiorad an taighe a thogail gu ceutach, ceart mar a b’ àbhaist chaidh na ceathramhnansa a dhèanamh agus chaidh rèite agus sìth a dhèanamh agus bha a h-uile nì cho math, cho còirte is cho brèagha.

An Coire Riabhach

E hó hì ibh o
Hol a bhó,
Dhìrich mi suas,
Hó hoireann ó
E hó hì ibh o
Hol a bhó

Dhìrich mi suas,
Hó hóireann ó
E hó hì ibh o
Hol a bhó
An Coire Riabhach,
Hó hug óro
E ho hì ibh ó
Hol a bhó

An Coire Riabhach,
O hoireann ó
E hó hì ibh ó
Hol a bhó
Cha d’fhuair mi ann,
Hó hug óro
E hó hì ibh ó
Hol a bho

Cha d’fhuair mi ann,
Hó hoireann ó
E hò hì ibh ó
Hol a bhó
Na bha mi ag iarraidh,
Hó hoireann o
E ho hì ibh o
Hol a bhó

Bha mi ag iarraidh,
Hó hug oro
E ho hì ibh o
Hol a bho
Banachag a’ chruidh,
Hó hoireann ó
E hò hì ibh ó
Hol a bhó

Banachag a’ chruidh,
Hó hug óro
E hò hi ibh o
Hol a bhó.
Dhruimfhinn dhiarnaidh,
Hó hug óro
E hò hi ibh o,
Hol a bhò

Dhruimfhinn dhiarnaidh,
Ho hug oro
E hò hì ibh o
Hol a bhó,
Sùil ga shireadh,
Hó hoireann ó,
E hò hì ibh ó,
Hol a bhó,

Sùil ga shireadh,
Hó hug óro,
E hò hì ibh o
Hol a bho,
E hò hì ibh ó
Hol a bhó

Òran nam Bràithrean

O hù ill o ho ro ho
Thug mi an oidhche ge b’ fhada i,
Ho ro hill irìnn à,
Ho ro huill irìnn à,
Ho ro hù ill ò ho ro ho.

Chaidh an cadal a dhith orm
O hù ill o ho ro ho,
Is mi ri feitheamh nam bràithrean,
Ho ro hill irìnn à,
Ho ro huill irìnn à,
Ho ro hù ill ò ho ro ho,

Is mi ri feitheamh nam bràithrean,
Hó hù hil o ho ro ho,
Is iad sa phàirce an taobh shios dhiom,
Ho ro hill irìnn à,
Ho ro huill irìnn à,
Ho ro hu ill ò ho ro ho,

Is iad sa phàirce an taobh shìos dhìom,
Hó hù hil o ho ro ho,
Gum b’e sin na fir fhallain,
Ho ro hill irìnn à,
Ho ro huill irìnn a,
Ho ro hu ill ò ho ro ho,

Gum b’e sin na fir allail,
Hó hù hil o ho ro ho,
Gum b’e sin na fir urail,
Ho ro hill irìnn à,
Ho ro huill irìnn à,
Ho ro hu ill ò ho ro ho,

Fhuair an t-urram ’s a b’ fhiach e,
Ho hù hil o ho ro ho,
Bu mhath an gnothach sa Ghearmailt,
Ho ro hill irìnn à,
Ho ro huill irìnn à,
Ho ro hu ill ò ho ro ho,

Bu neo-chearbach an gnìomh ann,
Ho hu hil o ho ro ho,
Thig an claidheamh sìor-mhath riubh,
Ho ro hill irìnn à,
Ho ro huill irìnn à,
Ho ro hu ill ò ho ro ho.

An Dubh-Ghleannach (which another version has been the focus of a previous blog which is still available to view):

Latha dhomh is mi an cois na tràghad,
Chuala mi caismeachd nan Gàidheal,
Dh’fhairich mi […]
Air sionnsar ùr bu lùthar gàirich,
Is an cridhe gun do ghluais an armann,
Fear thogail nan tùr uasal, stàiteil,

’S i an Dubh-Ghleannach a bh’ ann,
Hó ro ghealladh no có chuireadh i,
Toirm oirre seinn.
[…]
Dhìrich mi am bruthach le aoibhneas,
A dh’èisdeach ri Fàilte Rìgh Seumas:
Chunna mi an Druimfhionnach dhubh, ghleasda
A’ cuir o sgaoil aodach brèid-ghil,
Air machair mìn, sgiamhach, rèidhlidh,
Mar steud chruidheach ’s i a’ cur rèise,

’S i an Dubh-Ghleannach a bh’ ann,
Hó ro ghealladh 7rl

Bu mhiann leam sunnd nam port ealanta,
Bu chunabhalach ùrlar is gearraidhean,
Dìonach, lùthmhor, dlùth, neo-mhearachdach,
A’ tionndadh na siubhlaichean caranach:
Dhùisgeadh lùth na smuais na carraidean,
Dùthchas na lann dubhghorm tana-ghaoith,

’S i an Dubh-Ghleannach a bh’ ann,
Hó ro ghealladh 7rl.

Nuair a ghabhadh i a’ fuaradh na sliasaid,
[…]
Ghearradh i na linn air a fiaradh,
An aghaidh gaoth is sìde sianaidh
[…]
’S i an Dubh-Ghleannach a bh’ ann
Hó ro ghealladh 7rl.

Nuair ghabhadh cliathaich […]
Soirbheas na sliasaid ga brosnachd
Mar shiubhladh mial-chù bras, astarach
Ruith air sliabh is fiadh air thoiseach
I a’ dìreadh nan tonn biath ’s ga sgoltadh,
Shnaidheadh i iad mar iarann locraich,

’S i an Dubh-Ghleannach a bh’ ann,
Hó ro ghealladh na có chuireadh i,
Toirm oirre seinn.

O! b’ annsa leam fhìn a bhith an innis mo chridhe

O! b’ annsa leam fhìn a bhith an innis mo chridhe,
An glòmanaich shith shamhraidh,
Ciùine na sìde air muir agus tìr,
An fhaoileag bheag ’s i a’ gruaimean,
Chì mi na ròin air sgeirean ‘nan gleò,
Guth na maighdinn ‘gam shìor-bhuaireadh

O! huillirin illirin huillirin ó
O! hillirin huillirin ó.

O! b’ annsa leam fhìn a bhith an innis mo chridhe,
Beuc aig a’ ghaoith a’ nuallanaich,
Tonnan le gàir a’ bualadh cladaich le spàirn,
A’ tilleadh is bàn-ghruaig orra:

A mach fada siar air chulu na sìon air
Tha Tìr nan òg ‘gam ghairm gu sìth.

O huillirin hillirin huillirin o 7rl.

O! b’ annsa leam fhìn a bhith an innis mo chridhe
Seòl mara ga […]
[…]

O huillirin hillirin huillirin ó,
O hillirin huillirin ó.

Cluinnidh mi thar uchd na mara

Cluinnidh mi thar uchd na mara,
àrd os cionn na gaoith ri gaillionn,
Torman beag an cois a’ chladaich,
Miona-ghalan na maighdinn Bharraich.
Och nan och nach truagh mar thachair.

Seachad Cìosamal a’ chaisteil,
Eithrichean a’ riuth aig astar,
Fàth mo bhròin tha aon te dh’ aindeoin,
M’ ùrnaighean nach d’fhuair gu h-acair.

Ionndrainn mo leannain gam riasladh,
Mar fhraoch geanhraidh tha mi a’ ciaradh,
Spèirid beatha dh’ fhalbh i, chrìon i
Dh’fhalbh an òige is gaol gu sìorraidh.

Cha dèan sinne a ghaolaich chiataich,
Mànran le chèile gu siorraidh,
Gruagach na stuadh ghabh i miann ort,
Shuain i a cuailean ort na liaghain.

Och nan och! nach truagh mar thachair.

And finally, the last song to have been recorded during the session:

Cairistìona

Cairistìona
Hè hó hì huraibhì,
Ho ró o hì hòireann oho,
Hè hó hì huraibhì.

A freagair thu mi, a Chairistìona,
Hè hó hì huraìbhì,
Ho ro ho hi hó ho roho,
Hè hó hì huraibhì,

Na freagradh thu, chluinninn fhìn thu,
Hè ho hì huraibhì,
Ho ró ho hì hó hó roho,
Hè ho hì huraibhì,

Chì mi an luingeas air Caol Ìle,
Hè ho hì huraibhì,
Ho ro 7rl.

Is iad ag iarraidh Cairistìona,
Hè ho hì huraibhì,
Ho ro 7rl.

Chan ann gu banais a dhèanamh,
Hè hó hì huraìbhì,
Ho ro 7rl.

Gus a cuir san talamh ìseal,
Hè hó hì huraibhì,
Ho ro 7rl.

An turas thug mi Ghleanna Comhann,
Hè hó hì huraibhi,
Ho ro ho hì ho ho rohó,
Hè hó hì huraibhì.

An fhairge trom is an caolas domhainn,
Hè ho hì huraibhì,
Ho ro ho hì ho ho rohó
Hè hó hì huraibhì.

It may be assumed with a high degree of confidence that the above songs represented but only a few that were known to the Barra priest and, if more time and resources had been made available, then assuredly many more could and should have been recorded for posterity.

References:
Calum I. Maclean, ‘In Search of Folklore in the Western Isles’, Scotland’s S.M.T. Magazine, vol. 40, no. 6 (1947), pp. 40–44.
IFC 1153, pp. 335–69
Andrew Wiseman, ‘Father John MacMillan of Barra’, Piping Times, vol. 69, no. 9 (Jun., 2017), pp. 32–37
―――, ‘“I had come to the Western Isles at last”: Calum I. Maclean’s Fieldwork in Barra’, Review of Scottish Culture, vol. 27 (2016), pp. 86–107

Image:
Fr John MacMillan of Barra, late 1940s.