Total Pageviews

Showing posts with label Uachdar. Show all posts
Showing posts with label Uachdar. Show all posts

Friday, 27 June 2014

Angus MacMillan’s Life Story – X [Marriage]

A previous blog offered a summary of Angus MacMillan’s life story. It may be divided into eleven sections of varying lengths. Here is offered the tenth part (NFC 1180, pp. 534–40) where MacMillan relates to Maclean how he met his wife. The opportunity has been taken to modernise the Gaelic orthography and also to offer a translation. A summary of this section may be given as follows;

10.    Marriage

MacMillan relates the background of how he came to marry his wife. The local priest persuaded him to marry his sweetheart before she had an opportunity to leave the island. MacMillan says that he greatly appreciated the advice that the priest gave him and that it had been a good decision to marry his sweetheart. MacMillan explained that she was also a MacMillan, Peigi nighean Aonghais Mhòir. They moved into MacMillan’s parents’ house. MacMillan relates that his own mother was a MacDonald who was from Benbecula and she died at seventy-five. MacMillan says that she was a good singer and had scores of old songs. His father belonged to Barra folk and never left Uist once he moved there. He died at the age of eighty-eight.

10.    Pòsadh

A’ bhean a bh’ agam an-diugh ann a sheo agus ’s e boireannach anabarrach fhèin gasda a bh’ ainnte na nighinn. Agus bha i glè òg air mo shon-sa. Cha robh i ach ceithir bliadhna fichead nuair a phòs mise i. Agus bha daoine a’ smaointinn nach pòsainn idir, a chionn nach robh annam ach duine aotrom nach robh a’ dol a phòsadh gu sìorraidh. Ach ghabh mi nòisean dhen nighinn a bha seo ach agus i glè, glè òg. Bhithinn a’ tarraing aiste an-dràsta is a-rithist ach mu dheireadh is mu dheoghaidh rinn sinn na cumhnannan airson pòsaidh. Agus ’s ann o dhaoine anabarrach fhèin math a bha i. Bha mi a’ smaointinn nach pòsainn i cho luath is a bha mi a’ smaointinn. Ach bha mi oidhche an dèidh a bhith a’ coimhead oirre air an rathad agus chuala mi fuaim bicycle a’ tighinn as mo dheaghaidh. Bhiodh e suas dìreach mu mheadhan-oidhche. Sheall mi is thug mi an aire dhan bhicycle math gu leòr a’ tighinn as mo dheaghaidh. Agus rug an seo am bicycle orm agus cò bha sin ach an sagart a bh’ againn as an àite.
“Seadh, Aonghais,” ors’ esan, “cò às mar seo?”
“O!” orsa mise, “bha mi air tighinn air cuairt.”
“O! seadh,” ors’ esan, “bha mi a’ cluinntinn gum bheil thu a’ tighinn air cuairt. Tha mi a’ cluinntinn,” ors’ esan, “gum bheil thu gu math tric air a’ chuairt sin cuideachd.”
“A bheil?” orsa mise.                                        
“Tha.”
Well, bha mi fhìn is an sagart gu math mòr aig a chèile, an sagart a bha seo agus: “Seadh,” ors’ esan, “a bheil dùil agad,” ors’ esan, “feum a dhèanamh dhan nighinn?”
“Well,” orsa mi fhin, “athair,” orsa mi fhìn, “tha làn dhùil ’m feum a dhèanamh dhith.”
“Well, tha làn chòir agad pòsadh as a’ mhionaid,” ors’ esan, “gun a bhith air an obair a tha sineach. Agus tha e a’ dèanamh marbhadh mòr ort,” ors’ esan, “gu nach eil thu a’ smaointinn sìon dheth agus mar is luaithe a nì thu e,” ors’ esan, “’s e dha do phrothaid e.”
“O!” ors’ mi fhìn, “tha mi a’ dol ga dhèanamh gun teagamh,” orsa mi fhìn, “ach chan eil dùil ’m a dhèanamh an-dràsta idir.”
“Cùine tha dùil agad a dhèanamh?”
“Well,” orsa mi fhin, “tha e fainear dhomh,” orsa mi fhìn, “tha e fainear dhomh,” orsa mi fhìn, “bliadhna eile a leigeil leis an nighinn.”
“Chan eil i ach òg. Chan eil i,” orsa mi fhin, “ach ceithir bliadhna fichead. Nam biodh i còig air fhichead,” orsa mi fhin, “bhiodh i an uair sin,” orsa mi fhin, “aig gliocas math.”
“Well,” ors’ esan, “gabh mo chomhairle,” ors’ esan, “agus pòs an nighean cho luath is a ghabhas dèanamh. Tha clann an latha an-diugh,” ors’ esan, “nuair a gheibh iad suas,” ors’ esan, “a dha is a trì is a ceithir is a còig air fhichead,” ors’ esan, “bi iad airson falbh às an seo,” ors’ esan. “Ach ma smaointich ise air falbh,” ors’ esan, “pòs thusa i agus chan fhalbh i idir.”
“An e sin ri ràdha,” orsa mi fhin, “gum pòs sinn as a’ mhionaid?”
“Well,” ors’ esan, “pòs cho luath is a ghabhas dèanamh,” ors’ esan. “Na leig gu còig bliadhna fichead idir i,” ors’ esan.
“Very well,” orsa mi fhìn, “tha mise ceart-a-coma,” orsa mi fhìn, “ged a dhèanamaid suas ar n-inntinn,” orsa mi fhìn, “air pòsadh, ar n-èigheach as an eaglais Didomhnaich-sa a’ tighinn,” orsa mise. “Agus,” orsa mise “bi ise deònach gu leòr,” orsa mi fhìn, “agus a cuideachd cuideachd.”
Seo mar a bha. Bha an sagart còmhla rium-sa riamh gus an tàine sinn an taigh.”
“Well,” ors’ esan, “Aonghais,” ors’ esan, “bi a h-uile sìon ceart,” ors’ esan.
“Bi,” orsa mi fhìn. “Thèid mise far a bheil an nigean a-màireach, feasgar a-màireach,” orsa mi fhìn. “Innsidh mi dhith” orsa mise, “gum bi sinn a’ rèiteach rithe, mi fhìn is i fhèin, Dihaoine a tha gar nionnsaigh.”
Seo mar a bha. Chaidh mi a choimhead air an nighinn an làr-na-mhàireach, an tè a th’ agam an-diugh, agus dh’innis mi dhith gum biodh rèiteach ann Dihaoine a bha gar ionnsaigh. Dh’innis mi dhith facal air an fhacal mar a thuirt an sagart. Agus thachair sin. Phòs mi fhìn is an nighean agus gu dearbha cha robh aithreachas riamh orm. Cha tàinig facal riamh idir eadarainn on latha a phòs sinn gon an latha an-diugh. Agus tha mi glè thoilichte as a’ chomhairle a thug an sagart orm. ’S ann às an Uachdar a bha i agus ’s e an aon sloinneadh a bh’ oirre agus a bh’ orm fhin, NicGilleMhaoil. ’S e Peigi nighean Aonghais Mhòir às an Uachdar a chainte rithe.
Bha mo mhàthair an uair sin, nuair a phòs mi a-staigh. Bha iad anabarrach fhèin toilichte an tè a phòs mi. ’S e bana-Chrìosdaidh[1] a bha nam mhàthair, de bhoireannach beannaichte. Agus ’s e Crìosdaidh a bha nam athair cuideachd de dhuine math agus bha e anabarrach fhèin toilichte mar a thionndaidh mise suas. Cha b’ e siud a’ chiad tè a bh’ agam idir ach ’s e sin an tè a bh’ air a cuir a-mach dhomh. ’S e bana-Dòmhnallach a bha nam mhàthair an toiseach agus nuair a phòs i m’ athair, tha fhios agaibh, ’s e NicGilleMhaoil a bh’ innte. Agus ’s ann shuas mu dheas pìos mòr, ’s ann a phòs iad. Thàinig i a Bheinne na Faoghla agus rinn i dachaigh dhi fhèin agus dhà fhèin ann am Beinne na Faoghla. Cha do ghluais sinn riamh à Beinne na Faoghla fhathast is tha mi cinnteach nach gluais a h-aon againn. Bha mo mhàthair trì fichead is a còig deug a’ bàsachadh. Bha i cho fallain is a ghabhadh e a bhith fad na h-ùine riamh ach gun do ghabh i bochdainn ann a shiudach. Agus a’ bhochdainn a bh’ oirre ’s e tuiteam a rinn i agus leum an t-sròn aice agus chaill i mòran, mòran faladh ri linn an t-sròn aice a leum. Cha mhòr nach do thràigh i air fuil. Ach bha i bliadhnaichean beò as a dheaghaidh sin. Agus ’s ann innte a bha a’ bhana-òranaiche nach cuala sibh riamh a leithid, de sheann-òrain a bh’ ann a linn, chan ’il ’ios againne gu dè an linn a bha iad na m’ athair cuideachd. ’S ann a mhuinntir Bharraigh a bha m’ athair agus cha do ghluais e riamh à Uibhist aon uair is gun tàinig e a-nall ann. Agus bha e ceithir fichead agus a h-ochd deug a’ bàsachadh. Cha robh air m’ athair ach bàs nàdarra agus ’s e bàs nàdarra a fhuair mo mhàthair cuideachd.

10.   Marriage

The wife that I have today here is a very fine woman. And she was very young for me. She was only twenty-four years of age when I married her. And folk thought that I would not marry at all because I was only a giddy man that was never going to get married. But I took a fancy to this lassie and she was very, very young. I used to pull her leg now and again but latterly (and at last) we got engaged to get married. And she belonged to a very fine family. I thought I wouldn’t marry her quite as soon as I had first thought. But one night after I had been to see her I was on the highway and I heard the noise of a bicycle coming after me. It would’ve been nearly midnight. I looked and I noticed the bicycle well enough coming after me. And the bicycle reached me and who did it happen to be but the local priest.
“Aye, Angus,” he said, “where did you come from like this?”
“Oh!” I said, “I was going for a walk.”
“Oh! aye,” he said, “I had heard that you were going for a walk. I hear that you quite often go for a walk too.”
“I do?” I asked.
“Yes.”
Well, I and the priest were quite friendly, this priest that was there and:
“Aye,” he said, “do you expect that you’ll have a need for the lassie?”
“Well,” I said, “father, I fully expect that she’ll do.”
“Well, you have every right to marry this very minute,” he said, “without working on that. And it’s really killing you that that aren’t thinking anything of it and the quicker you do then the better off you’ll be.”
“Oh!” he said, “I’m going to do it without any doubt whatsoever but I don’t expect to do it just now at all.”
“When do you expect to do that?”
“Well,” I said, “it’s my intention to let a year go by courting the lassie.”
“She’s only young and she’s only twenty-four years of age. If she had been twenty-five,” I said, “she would then have reached good wisdom.”
“Well,” he said, “heed my advice and marry the lassie as quickly as you can. Children today when they reach about twenty two, three, four or five wish to leave this place and before she thinks of leaving you’ll marry her and she won’t leave at all.”
“Is that to say,” I asked, “that we should marry this very minute?”
“Well,” he said, “marry as quickly as you can. Don’t let her reach twenty-five years of age at all.”
“Very well,” I said, “I don’t mind at all that you have made up our minds to marry and the banns in the church were proclaimed for this coming Sunday,” I said, “and she’ll be willing enough and her relations to boot.”
This is how things turned out. The priest kept me company until we reached home.”
“Well, Angus” he said, “everything will be right.”
“Yes,” I said. “I’ll go to see the lassie tomorrow, tomorrow afternoon. I’ll tell her that we’ll get engaged, myself and herself, this Friday coming.”
This is how things turned out. I went to see the lassie the next day, the wife that I have today, and I told her that we’d be engaged this coming Friday. I told her word for word what priest has said. And that happened. I married the lassie and indeed I’ve never regretted it. Not one word has ever came between us since the day we married until this very day. And I am very pleased with the advice the priest gave me.
She was from Uachdar and she had the same surname as I have, MacMillan. She was called Peggie daughter of Big Angus from Uachdar.
My mother was then, when I married, still staying at home. They were very pleased with the woman whom I married. My mother was a woman who was a devout and upright. And my father was also an upright, good man and he was terribly pleased by the way I turned out. She was not the first woman that I had at all but she was the woman that was destined for me. My mother was a MacDonald at first but when she married my father, you know, she became MacMillan then. And it was down south a good bit where they were married. She came from Benbecula and she made a home for herself and himself in Benbecula. We have not moved away from Benbecula yet and I’m sure that not one of us ever will. My mother was seventy-five when she died. She was as healthy as could be all that time but she finally took ill. And the illness caused her to fall and she broke her nose and she lost a lot, a lot of blood as she had a broken nose. She almost lost all of her blood. But she was many years alive after that. And she was such a singer that you have never heard to like of, old songs from previous centuries and we don’t know where they were from, nor did my father know. My father belonged to Barra folk and he never moved out of Uist once he came over. And he was eighty-eight years of age when he died. My father died a natural death and my mother also died a natural death as well.

Reference:
NFC 1180, pp. 301–548

Image:
Angus MacMillan, Benbecula, 1930s.



[1] The literal meaning is, of course, a Christian but it means an upstanding, moral person of good character.

Monday, 21 October 2013

Traditions of John MacCodrum

Quite a few traditions concerning John MacCodrum (1693–1779), styled Iain mac Fhearchair ’ic Codruim, were collected by Calum Maclean from various storytellers. Here, for example, is one such story collected from the recitation of John MacPherson, styled Iain mac Chaluim Mhòir, who belonged to Lionacleit, Benbecula, but then staying in the remote isle of Rarnish. Given the biographical sketch given in Maclean’s entry of the day he met him, MacPherson seems to have been a rather remarkable character. The following item was recorded by Calum Maclean on the 4th of September 1949:
 
’S e bàrsd ainimeil a bh’ ann gad nach eil cus dhen obair aige ann a sgrìobhadh. Chan e sgoilear a bh’ ann. Bha an taigh aige ann arn Peubail agus bhiodh e fhèin agus a nàbaidhean a’ deànamh an treabhaidh còmhladh. Cha robh iad a’ cumail ach each an duine. Ach chaill Iain mac Fhearachair an t-each an àm an treabhaidh agus chuala e an seo gun robh each sa Cheann a Deas, ann an àite ris an can iad Stadhlaigearraidh, agus na rachadh e a dh’ iarraidh an eich gu robh e col(t)ach gu leòr gu faigheadh e e. Dh’fhalabh Iain MacCodrum agus chaidh e dhan Cheann a Deas gu ruige Stadhlaigearraidh agus cheannaich e an t-each agus thug e dhachaigh e. Rinn iad an treabhadh am pàirst, agus nuair a bha an treabhadh seachad is grothaichean dhen t-seòrsa sin, tha a dh’fhasan ac(hc)a, tha e ac(hc)a gon an latha an-diugh, a bhith a’ leigeadh nan each mar sgaoil as a’ mhòintich gus an tig àm tarraing na mònadh. Leig Iain mac Fhearachair an t-each mar sgaoil còmh’ ri càch agus nuair a thànaig àm tarraing ri mònadh, dh’fhalabh e ga iarraidh. ’S e Seumas a bh’ air an each, an t-ainim a bh’ aige air. Agus nuair a ràinig Iain mac Fhearchair ’s ann a thionndaidh an t-each air agus thionndaidh an t-each gu dubh air agus ’s ann a rinn Iain mac Fhearachair òran dhà. 
 
And the translation goes something like this:
 
He was a famous bard although not much of his work appears in print. He wasn’t a scholar. He had a house in Paible and he and his neighbours used to plough together. They kept a horse only for one man. But John MacCodrum lost the horse at ploughing time and he heard that there was a horse in South Uist at a place they call Stilligarry and if he went to fetch the horse then he would probably get it. John MacCodrum set out and he went to Stilligarry in South Uist and he purchased the horse and brought it home. They each took a turn at ploughing and when the ploughing was finshed and other types of work like that it was the custom, and it remains to this day, to let the horses free to roam the hills until it was time to cut the peat. John MacCodrum let the horse free along with the others and when it came to peat-cutting time he went to fetch it. The horse was named James; that was the name he gave it. And when John MacCodrum reached the place where the horse it turned fiercely on him and so John MacCodrum composed a song for it.
 
Calum Maclean gives an interesting description of his visit to John MacPherson in Rarnish:
 
Didòmhnaich, 4 An Sultain 1949
Chaidh mi dhan Aifreann sa mhadainn agus an uair a fhuair mi air ais is a fhuair mi mo dhinnear rinn mi deiseil airson a dhol a-mach gu Ràrnais air taobh an iar an eilein. Chuala mi o chionn fhada gun robh sgeulaiche mach a-muigh an sin, Iain mac Chaluim Mhòir. Cha chuala mi e ag innseadh sgeulachdan roimhe ach chuala mi gun robh na sgeulachdan aige. Cha robh mi ach air ùr-thighinn a Bheinne na Faoghla nuair a chuala mi ma dheidhinn an toiseach. Ach bha an t-àite anns a bheil e glè dhuilich fhaighinn a-mach ga ionnsaigh. Chan eil rathad idir a’ dol a-mach gu Ràrnais. Feumar a dhol ann le bàta. Co-dhiù, thàinig car gam iarraidh mu dhà uair feasgar agus thugadh sìos gu cidhe Ghramasdail mi. Bha bàta ri thighinn aig leth-uair an dèidh dhà, ach b’ fheudar dhomh fuireach air cidhe Ghramasdail gus an robh e ceithir uairean feasgar. Bhrist inneal a’ bhàta agus chum sin air ais iad. Bha astar còrr is trì mile againn ri dhèanamh mun d’fhuair sinn a-mach Ràrnais. Bha mac le Iain mac Chaluim Mhòir a’ dol a-mach còmhla ri fear a’ bhàta. Chunnaic mi sealladh math air eilean Ghrimiosaigh air an taobh a tuath. Tha sluagh mòr dhaoine a’ fuireach ann. Cha robh mi riamh thall ann fhathast. Tha Iain Mac a’ Phearsain a’ fuireach ann an taigh beag iarainn air bruaich a’ chladaich. Ri taobh an taighe aige tha ballachan de thiugh mòr cloiche a bha e fhèin a’ togail. Cha do chuir e crìoch air fhathast. Tha e fhèin air aon t-sùil agus tha e gu bhith dall. Cha mhòr gum faic e dad idir. Tha e gu bhith ceithir fichead bliadhna a-niste. Tha a bhean marbh agus chan eil còmhla ris a-staigh ach dithis mhac. Bha nighean phòsda leis aig an taigh cuideachd còmhla ris an duine aice agus dithis chloinne. Cha robh Gàidhlig aig an duine idir. Rugadh Iain Mac a’ Phearsain ann an Lìonaclait am Beinne na Faoghla. Bha trì duine deug anns an teaghlach. Chaidh e gu muir nuair a bha e glè òg. B’ ann air soitheach seòlaidh a chaidh e an toiseach a-mach gu San Francisco. Thug iad 112 latha air an turas. Bha e a’ seòladh gu New Zealand agus Australia as dèidh sin. Bha e ag obair greis an Australia. Bha e cuideachd anns na Solomon Islands, ann am French Guinea agus bha e a-staigh ann am meadhan Àfrica mu dheas. Nuair a thàinig an aois air thill e dhachaigh gu Beinne na Foghla. Bha e a’ fuireach greis ann an Grìminis agus thàinig e an uair sin a-mach gu Ràrnais. ’S e ban-Shasannach a bha pòsda aige ach a dh’ aindeoin sin tha Gàidhlig aig na mic agus an nighean. ’S e sgeulaiche math a th’ ann. Nuair a bha a na ghille òg ann an Lìonaclait bha dithis bhoireannach ann aig an robh sgeulachdan, Màiri nighean Mhìcheil agus Caitrìona nighean Mhìcheil. ’S ann aca-san a chuala mac Chaluim Mhòir na sgeulachdan. Cha robh sinn fada ann gus an do thòisich sinn air na sgeulachdan. Thug e dhomh an toiseach an sgeulachd, Uilleam Dèan Suidhe. Bha innseadh math dhith aige. Thug e dhomh cuideachd an sgeulachd, Bireachan Beag agus Bireachan Mòr. Bha i seo aige gu math cuideachd. An uair sin thug e dhomh na sgeulachdan mun triùir bhraithrean a dh’fhalbh leis a’ bhonnach mòr is am mollachd, dithis dhiubh, agus am bonnach beag is am beannachd aig an fhear a b’ òige. Chaidh leis an fhear òg gu math. Cha chuala mi an sgeulachd seo roimhe ach tha i coltach ri grunn math dhe na sgeulachdan eadar-nàiseanta. Fhuair mi òrain bhuaithe cuideachd agus seanchas mu Dhonnchadh Bàn agus Alasdair mac Mhaighstir Alasdair. Bha e mu ochd uairean as t-oidhche nuair a b’ fheudar dhomh tilleadh a chionn chan fhaigheadh am bàta a-staigh gu cidhe Ghramasdail mura biodh an làn freagarrach. Bha droch oidhche againn a’ tilleadh dhachaigh. Dh’fhalbh an stiùir dhen bhàta nuair a bha sinn mu choinneamh Ghriomasaigh agus b’ fheudar dhuinn tilleadh agus am faighinn. Bha oidhche fhluich ann nuair a fhuair mi dhachaidh.
 
Sunday, 4 September 1949
I attended Mass in the morning and when I got back I got my dinner and made ready to go out to Rarnish on the west side of the island. I heard a long while back that there was a good storyteller out there called Iain mac Chaluim Mhòir (John MacPherson). I’ve never heard him telling stories before but I heard that he has stories. I had only recently arrived in Benbecula when I heard about him at first. But the place in which he stays is very difficult to get to. There is no road going out to Rarnish at all. It has to be reached by boat. Anyway, a car came to fetch me around two o’clock in the afternoon and I was taken down to Gramasdale pier. The boat was to arrive at half-past two but I had to wait at Gramasdale pier until four o’clock in the afternoon. The boat’s engine broke and that kept them back. There was a distance of more than three miles to travel before we reached Rarnish. John MacPherson’s son came out with the boatman. I got a good view of Grimisay towards the north. A great many folk stay on it. I’ve never been there before. John MacPherson stays in a small iron shack on the shore side. Besides his house there are large, thick stonewalls that he was building. He hasn’t completed it yet. He has only one eye and he’s going blind. He can scarcely see anything at all. He’s nearly eighty years old now. His wife is dead and he has only his two sons who stay with him. He also has a daughter married in the house along with her are her husband and their two children. Her husband doesn’t speak Gaelic at all. John MacPherson was born in Lionacleit in Benbecula. He was one of thirteen of a family. He went to sea when he was very young. He went at first on a sailing ship out to San Francisco. He spent 112 days on the journey. He sailed to New Zealand and Australia after that. He worked for a while in Australia. He was also in the Solomon Islands, in French Guinea and was in the middle of South Africa. When he grew old he returned home to Benbecula. He stayed for a while in Griminish and then he came out to Rarnish. He was married to an English woman but despite that his sons and daughter speak Gaelic. He’s a good storyteller. When he was a young lad in Lionacleit there were two women who were storytellers: Màiri nighean Mhìcheil agus Caitrìona nighean Mhìcheil. It was from them that John MacPherson heard his stories. It wasn’t long before we began on the stories. He gave me to begin with the story, Uilleam Dèan Suidhe (Willie Sit Down). He had a good version of it. He also gave me the story Bireachan Beag agus Bireachan Mòr (Wee Bireachan and Big Bireachan). He also told this well. Then he gave me the stories about the three brothers who left with the big bannock with a curse, two of them, and the little bannock with a blessing for the youngest one. The young man faired well. I’ve never heard this story before but it appears to be like a good lot of the international tales. I also got songs from him and an anecdote about Duncan Bàn Macintyre and Alexander MacDonald. It was around eight o’clock at night when I had to return for the boat wouldn’t be able to berth at Gramasdale pier if the tide wasn’t suitable. We had a bad night of it returning home. The rudder broke off when we were opposite Grimisay and we had to go back to get it. It was a wet night by the time I got home.
 
References:
William Matheson (ed.), The Songs of John MacCodrum: Bard to Sir James MacDonald of Sleat (Edinburgh: Oliver & Boyd, 1938)
NFC 1301: 72–77
NFC 1179: 312–13
 
Image:
North Uist / Uibhist a Tuath